Wednesday 5 November 2008

Obama

Agus sin an taghadh seachad a nis. An deidh iomairt a mhair faisg air dà bhliadhna fhuair Barrack Obama greim air an White House. Ged a tha mi fhein gu math amharasach mu an duine agus uabhasach diombach mu cho taobhach sa bha a chuid mhòr de dhaoine anns na meadhanan agus iad air a h-uile oidhirp a dheanamh tarsainn air am bliadhna chaidh taic a thoirt dhà agus cuir sios air McCain agus (gu h-àraidh) Palin 's e fhathast rud sgoinneil a th'ann duine de choltas fhaicinn agus a shinnsearachd fhaicinn a gleidheadh an obair mòr, cumhachdach a tha seo.

Thuirt Johann Hari, a sgrìobhadh anns an Independent, rud a bha a sealltainn cho soilleir sa ghabhas cho iongantach 'sa tha an tachart seo :

"Smaoinich - Mu bhuannaicheas Barrack Hussein Obama an taghadh 's e an 44mh Ceannard de na Stàitean Aonaichte a bhios ann. Bhiodh e air a bhith ceadaichte agus laghail don chiad 16 ceannard greim a chumail air mar pìos 'property' "

'S e fìrinn cumhachdach a tha sin.