Wednesday, 29 April 2009

Gurkhas

An deidh miosan far nach fhaca sinn luchd Westminster anns na naidheachdan airson adhbhar sam bith nach robh ceangailte ri mi-onair, truailleachd no cuis-naire air choirigein tha cuid - 267 dhiubh co-dhiu - air sealltainn dhuinn gu bheil amanan ann far a bheil ceartas nas cudthromach dhaibh na ordughan sam bith a thig bhon Priomh-mhinistear agus na gillean-cuip (na "whips") aig a bheil coir na buill-parlamaid a riaghladh gus deanamh cinnteach nach teid iad an aghaidh am partaidh.

Tha mar a bhios an Rioghachd Aonaichte a deiligeadh le na Gurkhas, na sar-shaighdearan a bhios sinn a tarraing a treubhan Nepal, air a bhith na chuis-naire airson uine. Tha iomairt air a bhith dol airson cothrom a thoirt dhaibh fuireach ann am Breatainn fad bliadhnachan ach san anns an greiseag bheag a chaidh a tha e air tighinn gu aire a mhor t-sluaigh agus iad a faighinn taic bho leithid Joanna Lumley agus iomadach neach eile. Bha dochas ann gun deanadh Gordon Brown agus am Partaidh Laborach an rud ciallach - tha fhios gur ann ainneamh a thachaireas sin! - agus na riaghailtean atharrachadh agus leigeal le na gaisgich a chuir seachad iomadach bliadhna a sabaist airson Breatainn cumail oir le'm beatha anns an rioghachd seo fhein. Ach an aite sin se chuir iad air adhart an de ach poilisidh ur a dheanadh cinnteach nach fhaigheadh ach gle bheag - mu 4,600 a reir an riaghaltas ach direach 100 am beachd a h-uile duine eile - den 36,000 Ghurkha a bha nan saighdearan san Arm Breatannach ro 1997.



Am miosg na breugan aig Brown air an cuspair seo nochd aon pios dhan fhirinn - gu bheil e gu h-araidh an aghaidh na Gurkhas agus na teaghlaich aca a leigeal a steach don duthaich air fad seach nach eil e airson an airgead a dh'fheumadh e a thoirt dhaibh a chosg oir. Seo an duine a cheith barrachd de dh'airgead an t-sluagh fhads a bha na seannsalair, agus a nis na phriomh-mhinistear, na duine sam bith eile ann an eachdraidh an duthaich. Seo againn an duine a tha deonach tax amaideach a chuir air doigh a ni cinnteach gum bith nas lugha de dh'airgead a tighinn a steach direach gus an urrainn dha beagan "class warfare" a thoiseachadh le na Tories:

Chancellor defends 50p Tax

Seo againn an riaghaltas a tha air cothrom a thoirt do na ceudan de mhilltean, mu nach eil milleanan, de choigrich a thighinn a dh'fhuireach san rioghachd gun diofar an robh grainn aca air an duthaich. Ceithidh iad airgead gus feuchainn ri laimh an uachdar fhaighinn ann an co-fharpais phoileataigs. Fosglaidh iad na borders ris a h-uile seors neach. Ni iad na rudan seo ach nuair a thig e gu aite thoirt do dhaoine treun a tha air pairt a ghabhail anns a h-uile cogadh anns an robh Breatainn an sas airson coir is 200 bliadhna cha d'thoir iad cail dhaibh ach breugan agus dimheas.

Mar sin faodaidh sinn bhith taingeil gu bheil iomadach neach a miosg na backbenchers aig Brown fhein a tha smaoineachadh gu bheil an cuis a cheart cho suarach sa tha leithid Nick Clegg, Daibhidh Cameron agus Joanna Lumley. Chaidh am poilisidh a chuir gu bhot an diugh agus chaidh a mhor chuid de luchd na Commons an aghaidh an riaghaltas.

Reaction to Government defeat:Clegg, Lumley, Cameron


Chan ann tric a nochdas adhbhar-iomairt a dh'fhagas duine bhon a h-uile partaidh aonaichte nam beachdan ach 's e seo aon dhiubh.

1 comment:

AndrewWS said...

If I could read Gaelic, I'm sure I'd find this very stimulating.