Tha mi air a bhith leanntainn sgriobhaidhean an MEP Daniel Hannan anns an Telegraph airson uine agus ged is ann truagh tha torr dha na tha ri leughadh 'sam paipear ud tha beachdan Hannan an comhnaidh ciallach agus inntinneach. Mar sin bha mi toilichte da -rireabh le mar a choisinn e cliu dha fhein 'o chionn mios le oraid a bha direach sonraichte agus e a deanamh ionnsaigh air Gordon Brown agus na ceudan de bhilleanan notaichean a tha an duine maslach ud a ceitheamh:
Ged a rinn na meadhanan mor, am "mainstream media", anns an duthaich seo a h-uile oidhirp cluais bodhar a chumail ris an oraid dh'fhas e cho ainmeil an deidh sgaoileadh air Youtube agus gun robh feum aca, mu dheireadh, suil aithghearr a thoirt air. Ach an deidh sin s'ann fhathast ann an duthchannan eile mar na Staitean Aonaichte a nochd an oraid agus Hannan fhein air na naidheachdan agus leithid Fox News gu h-araidh a toirt suil air na thachair agus a toirt cothrom do Hannan barrachd a radh mu a bheachdan agus carson a thubhairt e thubhairt e:
Co-dhiu, tha Hannan a nis air fhein a chuir air adhart mar aon de na daoine is tarraingeach a th'aig na Tories (agus chan eil moran ann dhiu an fhirinn innis) agus chaidh aite a thoirt dha aig co-labhairt earrach am partaidh agus sheall e a-rithist an coimeas labhairt sonraichte a tha aige:
A coimhead an duine seo a bruidhinn agus ag eisteachd ri na beachdan laidir a th'aige tha e duilich gun smaoineachadh air cho lag agus meadhanach a tha ceannas nan Tories fo Daibhidh Chamshron. Ged a tha barrachd atharrachadh eadar na Laboraich agus na Tories a nis na bha 'o chionn uine seach gu bheil riaghaltas Bhrown air gluasad gu cruaidh dhan laimh chli tha iad fhathast gu math faisg air a cheile a thaobh poileasaidhean. San fhirinn bhiodh e gu math duilich dealachadh a dheanamh eadar am Partaidh Conservative aig Cameron agus New Labour mar a bha iad fo Blair. Mu tha feum sam bith a gabhaidh anns na Tories - agus e gle chinnteach gur iad a bhios os cionn an riaghaltas an deidh an ath-bhliadhn - feumar barrachd a shealltainn de leithid Hannan; na 'Eurosceptics' agus na 'Libertarians' a tha fada nas fhaisg air feallsanachd conservative cheart na tha Cameron, Osbourne agus am buidhean a tha a riaghladh am partaidh an drasta.
Monday, 27 April 2009
Hannan @ Conservative Spring Conference
Subscribe to:
Post Comments (Atom)
No comments:
Post a Comment